Tha mo chom a’ seinn rid bhòidhche
‘s mo chuislean ‘g èigheach luathghair:
tha m’ fhuil uile mar fhìon cròiceach
a’ cur thairis cuaiche:
fa do chomhair, a thè bhòidheach,
‘na mo cheann dà mhìle smeòrach
ann an coille òig ri ceileir:
‘na mo chluais deich mìle seillean.Tha mo chom ri…